English (United Kingdom)
Home About us Our Salmon Customer Service Production Locations News Contacts
Home News West Minch Salmon Announcement - Gaelic Version
West Minch Salmon Announcement - Gaelic Version

Buidheann Bhradan Alba air companaidh àrach bhradain West Minch Salmon a cheannach mar mhòr-cheum seilbh an Alba

Tha Companaidh Bhradan na h-Alba air na h-earrannan a cheannach anns a’ chompanaidh àrach bhradain West Minch Salmon Earranta, tè de na companaidhean neo-eisimeil as adhartaiche ann an raon fàs-bheairteach a bhradain stèidhichte ann an Innse Gall.

Thèid 11 làrach ann an Ceann a Deas na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beinn nam Fadhla a chur an làmhan Chompanaidh Bhradan na h-Alba.  Anns na mìosan romhainn, bidh an dà bhuidhinn ag obair còmhla agus an co-bhonn ri buidhnean eile airson na cothroman as fheàrr a ghabhas a bhuinnig às an obair anns na sgìrean sin.

Leanaidh a’ chompanaidh West Minch Salmon anns an aon riochd, a’ cumail a’ bhradain ris a’ mhargaidh – air fhàs-bheairteach, mach às a’ mhuir no air a ghearradh, gu buidhnean solaraiche èisg eadar-nàiseanta, bùthan-mòra, luchd-reic fa-leth agus ionadan bidhe sònraichte.

’S e ceum gu math cudromach a tha seo do Chompanaidh Bhradan na h-Alba (ainmichte mar Lighthouse Caledonia roimhe seo), an dèidh ùrachadh structair thar nan 18 mìos a chaidh. Tha an leudachadh a’ dol a chumail taic ri planaichean a’ chompanaidh a bhith a’ stèidheachadh suidheachadh malairt bhliadhnail a tha cothromach agus seasmhach ann an sgìrean dùthchail Innse Gall, agus a’ neartachadh dearbh-aithne neo-eisimeil a bhoinneas do dh’Innse Gall.

’S e Companaidh Bhradan na h-Alba a’ chompanaidh neo-eisimeil as motha  a tha a’ cur a-mach bradain ann an Alba – barrachd air 24,000 tunna gach bliadhna – mu 20% de bhradan na h-Alba gu h-iomlan – ga bhiathadh gu margaidhean na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Thuirt Mike Corbett, Ceannard Chompanaidh Bhradan na h-Alba

‘Tha cliù aig West Minch Salmon thar an t-saoghail airson a bhith ag àrach sàr-bhradain agus ’se ceum malairt cudromach a tha seo do Chompanaidh Bhradan na h-Alba agus sinn air slighe a’ neartachadh ìrean àrainneachd, blas, ùrachd agus dearbhadh ar cuid stoc.”

Chaidh West Minch Salmon Earranta a stèidheachadh ann an  1985 le Aonghas MacMhaoilein a tha gu mòr air a bhith an sàs ann an àrach èisg bho na meadhan 1980-an. Thèid an t-atharrachadh chun t-suidheachaidh ùr a dhèanamh tro cheumannan, ach am faigh an dà bhuidhinn cothrom a bhith a’ tighinn còmhla, a’ dèanamh cinnteach gun tèid modhan-obrach agus siostaman-stiùiridh àrainneachd a làimhseachadh ann an dòigh a tha cothromach agus a’ dìon dòighean obrach fàs-bheairteach West Minch. Bidh Aonghas MacMhaoilein a’ leantainn mar Cheannard air a’ chompanaidh le uallach na h-obrach bho latha gu latha.

Thuirt Mghr MacMhaoilein:  “Tha an suidheachadh seo air leth freagarrach dhan dà chompanaidh aig àm nuair a tha an eaconamaidh cho cugallach. Fuasglaidh seo cothroman cur ri seilbh anns na h-Eileanan, a’ dìon cosnaidhean a th’ann mar tha agus a’ cruthachadh cothroman ùra aig a h-uile ìre eadar obair giollachd, làimhseachadh agus stiùireadh. Tha e na ro-innleachd againn a bhith a’ cur air adhart nas urrainn dhuinn dhen obair againn anns na h-eileanan fhèin ach an tèid againn air barrachd a chur ris an raon sònraichte margaidheachd a chruthaich sinn agus tha sinn air a bhith a’ togail son bliadhnaichean.  ’S e ceum malairt air leth cudromach a tha seo do dh’Innse Gall, Alba agus na margaidhean a tha sinn a’ sàsachadh taobh muigh an RA.”

 

 
Home
Homepage
SSC Homepage
Investor Homepage
About us
Our Policies
Our People
Our Community
Recruitment
Our Salmon
Our Fillets
Quality & Accreditation
Recipes
Health Benefits
Customer Service
To Your Specification
Production
Life Cycle of Salmon
Husbandry
Quality Assurance
Locations
News
Latest News
News Archive
Contacts
8 Melville Crescent, Edinburgh, EH3 7JA. Tel: +44 (0)131 718 8500 | Click here to contact us | Click here for Lighthouse Caledonia Website | Sitemap | Site by Shaw Marketing and Design | Copyright 2011